Alloway Burns Club Title
www.allowayburnsclub.org.uk

Dean Fead ’us Thig Mise

(Whistle And I’ll Come To You, My Lad)

Dean fead 'us thig mise ga d' ionnsaidh a luaidh,
Dean fead 'us thig mise ga d' ionnsaidh a luaidh,
Biodh m' athair's mo mhàthair 's na càirdean an gruaim,
Dean fead 'us thig mise ga d' ionnsaidh a luaidh.

A'tarruing ga m' fhaicinn hi faicilleach ciuin,
'S na tig 'n uair a chi thu a chachleith dùint',
Gabh nìos am frith-rath'd, 'us ceil air gach sùil
Gu bheil thu a' tighinn ga m' fhaicinn-se 'rùin.

Aig féill, no 's a' chlachan ged 'chi thu mi ann, -
Na seas ruim a bhruidhinn, 's na crom rium do cheann,
Thoir sùil thar do ghualainn 's rach seachad le deann
'S na gabh ort gu'n d'aithnich thu idir co bh'ann.

Gu'r dòcha leat mise, sìor àicheadh gu dlùth
'S ma's fheudar e, labhair gu tàireil mu m' ghnùis,
Ach feuch ri té eile nach tog thu do shùil, -
Air eagal 's gu'n tàlaidh i thusa a rùin.