Sine Bhòidheach
(Of A' The Airts)
Ged 'shéideas soirbheas ás gach àird,
'Si 's feàrr leam fhéin an iar,
Tha'n rìbhinn mhaiseach an sud beò,
An òigh do mò mo mhinn,
Tha coilltean fiadhain ann a' fàs,
Uillt's iomadh màm 'ga 'n roinn,
Tha m' ùidh le Sìne a dh'oidhch' 'sa là,
'S bhi Iàmh rìthe gun mhoill.
'S na lusan drùchdach chi mi 'cruth,
'Snuadh àillidh's ùrail sgèimh
Tha guth mar cheileir eòin an àird,
An deòthan blath nan speur,
Cha 'n 'eil flùr a dh'fhàsas ás, an fhonn
Aig fuaran, tom, no raon,
Na eun a ghleusas pongan ciùil,
Nach ùraich dhomh a gaol.
Séid thusa Iar-ghaoth—tlàthmhor séid
Air duilleach geugan chrann
Thoir leat am beach' le d' anail chiùin,
Le lòd thar stùc is gleann,
Thoir dhòmhs' an ainnir air a h-ais,
Is cuimir glan gach uair,
Aon aiteal eile dhi mar bha,
A sgànradh m' fhadail bhuam.
Le comh-bhòidean naisg sinne gaol,
Air taobh nan cnoc ud thall,
Far 'm b'ait leinn tachairt air a chéil',
'S b'i ar n-éigin sgaradh ann;
'S ann Duits amhàin da’n eòl gach ni
'S da'n léir an crìdh' gach àm,
Gur h-ann air Sìne 's mò mo rùn,
'S gur dùrachd fìor a th' ann.