Alloway Burns Club Title
www.allowayburnsclub.org.uk

Brosnachadh Bhruce

(Scots, Wha Hae)

'Threun', le Wallace, dh' fhuiling creuchd!
'S le Bruce chaidh dàn' gu àr nan euchd!
Nis iarraibh bàs am blàr nam beum,
No buaidh gu treun 'san strìth!

So latha 'chruais—an uair tha Iàth'ir!
Feuch feuchd fo'n cruaidh air cluan an àir!
A teachd le'n uaill gu buaireas blàir!
A dheanamh tràillean dhìbh!

Có 'thig do'n strìth neo-dhìleas, claon?
Có 'dh' ianadh uaigh ach cluan an raoin?
Có 'striocadh sios gu dìblidh faoin
Air cùl nan claon-fhear clìth?

Có 'n càs an rìgh, a rìogh'chd 'sa reachd,
Bheir beum nan geur-lann treun an gleachd,
Gu buaidh a'm blàr, no bàs 'na bheachd.
An gaisgeach leanadh mi.

Ar truaighe 's teinn, ar n-ainneirt chruaidh,
'Sar sliochd an sàs na'n traillibh truagh';
O'r cuislibh tràght' air sgàth ar sluaigh,
Thig saorsa bhuan le sìth!

Biodh uaibhrich sleucht' fo'r beuma bàis;
Fear ainneirt dh'eug 'nuair ghéilleas nàmh,
Tha saorsa fhéin a'm beum 'ur làmh
'Nis buaidh no bàs 'san strìth!